Ged bhiodh ann cur is cathadh Is sìde nan seachd sian Gheibheadh Griogair dhomsa cnacan 'San caidlimid fo dhìon Ochain ochain ochain uiridh Ochain uiridh ó Ochain ochain ochain uiridh 'S mór mo mhulad 's mór Is mór a b'annsa bhith aig Griogair Fo bhrata ruibeach ròin Na bhith aig Baran crìon na Dalach Ag giùlan sìoda is sròil Ochain ochain ochain uiridh Ochain uiridh ó Ochain ochain ochain uiridh 'S mór mo mhulad 's mór Chuir iad a cheann air ploc daraich Is dhòirt iad fhuil ma làr Nam biodh agamsa an sin cupan Dh'òlainn dith mo shàth Ochain ochain ochain uiridh Ochain uiridh ó Ochain ochain ochain uiridh 'S mór mo mhulad 's mór Ged tha mnathan chàich aig baile 'Nan laighe is 'nan cadal sàmh Is ann bhios mise bruaich mo leapa A' bualadh mo dhà làimh Ochain ochain ochain uiridh Ochain uiridh ó Ochain ochain ochain uiridh 'S mór mo mhulad 's mór Ba hu, ba hu, ba mo leanabh Ba mo leanabh, ba Ba hu, ba hu, ba mo leanabh Chan eil thu ach tlàth Chan eil thu ach tlàth Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa. |
|