A’ Chlach a bha mo sheanmhair ‘S mo sheanair oirre seanchas, Air tilleadh mar a dh’fhalbh i ghalghad a’ Chlach
‘S gur coma leam i ‘n Cearrara An Calasraid no ‘n Calbhaigh Cho fad’ ‘s a tha i ‘n Albainn Nan garbhlaichean cas
‘S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha ‘S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Ga cur an àite tearmainn A chumas i gu falachaidh ‘S nach urrainn iad, nach dearg iad Air sgealb dhith thoirt às A’ Chlach a chaidh a dhìth oirnn Air faighinn às an ìnean ‘S gu deimhinne, ma thill i Tha ‘n nì sin gu math
Mionnan air fear deàrnaidh Gach màthair is mac Nach leig sinn ann an gàbhadh Am fear a thug à sàs i ‘S a mhiontraig air a teàrnadh À àite gum tlachd Ma chuireas iad an làmh air Chan fhuilear dhuinn bhith làidir Is buill’ thoirt air a thàillibh Le stàilinn amach
Bha ‘m Ministear cho tùrsach Sa mhadainn nuair a dhùisg e ‘S praban air a shùilean A’ tionndadh amach E coiseachd feadh an ùrlair Ag ochanaich ‘s ag ùrnaigh ‘S a’ coimhead air a’ chùil Anns an d’ ionndrainn e Chlach
Sin far robh an stàireachd ‘S an ruith air feadh an làir ann Gun smid aige ri ràidhtinn Ach “Càit ‘n deach a’ Chlach? ‘S a Mhoire, Mhoire, Mhàthair Gu dè nì mise màireach Tha fios a’m gum bi bhànrainn A’ fàgail a beachd”
Gun tuirt e ‘s dath a’ bhàis air “Cha chreidinn-sa gu bràth e Gu togadh fear bho làr i Nach b’ àirde na speech Tha rudeigin an dàn dhomh ‘S gun cuidicheadh an tÀgh mi Bha’ n duine thug à sàs i Cho làidir ri each”Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.