O Miorbhail gràis! nach breagh'an ceòl; 'S e lorg mi 's mi air chall, Air seachran dorch', gun neart, gun treòir, 'S a dh'fhosgail sùilean dall. 'S e gràs thug eòlas dhomh air m'fheum; 'S e gràs thug saors' is sìth; 'S cha cheannaicheadh òr a'chruinne-chè Chiad-là bha fios nam chrìdh'. Tro iomadh cunnart's trioblaid chruaidh Thug E gu sàbhailt mi. An gràs a shaor bhon bhàs le buaidh Chan fhàg 's cha trèig gu sìor. San dachaigh bhuan gun uair gun tìm, 'S deich mìle bliadhn' mar là, Cha sguir an ceòl 's chan fhàs iad sgìth A'seinn a chaoidh mun ghràs. ---- Gaelic version by Ruth Nettles Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa. |
|