Seist (ás déidh gach rann): Na hú o hó, na hú o hé na hu o hú o eile na hú o hé, na hú o hó Nach truagh leat mi 's tu 'n Éirinn? 'S ann their iad rium on chaidh thu null Gum bi thu tric aig féilltean 'S gum bi thu cuspaireachd le múirn Ri Máili ruadh an Éirinn. Ged sheòladh tu air feadh a' chuain 'S ged ruigeadh tu an Éiphit Cha threiginn thu air sgàth do chliù 'S cha toirinn géill do bhreugan. O nach robh agam sgiathan caol Gun siùbhlainn thar na sléibhtean Gu seinninn-sa mo dhuanag gaoil Ri fear tha tàmh an Éirinn. Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa. |
|