Seisd: O nach robh mi thall sa ghleann a' fuireach, O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil; Nan robh mise thall sa ghleann a' fuireach Chan fhàgainn e tuilleadh, gleann lurach mo ghaoil.
Sa mhadainn nuair dh'èirinn gun èislean, gun ghruaim, 'S e thug sòlas do m' inntinn bhith sealltainn riut suas; Chan eil gleann eil' air Ghàidhealtachd bheir bàrr ort an snuadh; Gur mis' tha fo chràdh-lot bhith 'n-dràst' cho fad uat.
Seisd
Gleann farsaing, fìor mhonadh, dhìrinn e suas, Gleann maiseach fìneagach 's mìorbhaileach tuar; Ri samhradh is geamhradh do chleòca cho uain'; Chan eil nì a rinn nàdar nach fàs air do bhruaich.
Seisd
Nuair dh'èireas a' ghrian air bu chiatach bhith ann, 'S i cho fial, flathail, coibhneil, a' boillsgeadh air chrann; I dùsgadh nan lòn-dubh 's nan smeòrach air ghèig Cur fàilte len ceòl air a mòrachd san speur.
SeisdTeksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.