Cha b'e sneachda 's an reothadh o thuath Cha b'e an crannadh geur fuar on ear Cha b'e an t-uisge 's na gaillionn on iar Ach an galar a bhlian on deas Blàth, duilleach, stoc agus freumh Cànan mo threubh is mo shluaidh
Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar Gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal
Nuair chithear fear fèilidh 's a' ghleann Bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt Nuair spìon iad a fhreumh às an fhonn An àite Gàidhlig tha cànan a' Ghoill Is Ghaidhealtachd creadhal nan sonn 'S tìr "mhajors" is "cholonels" 'n-diugh innt'
Thoir a-nuas dhuinn na coinnleirean òir 'S annta càraibh na coinnlean geal, cèir Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin Taigh aire seann chànan a' Ghàidheil Se siud o chionn fhad' thuirt an nàmh Ach fhathast tha beò cànan a' Gàidheal
Ged a theich i le a beath' às na glinn Ged nach cluinnear a-nis mó i san Dùn O Dhùthaich Mhic Aoidh fada tuath Gu ruig thu Druim Uachdair nam bò 'G iathadh nan Eileanan Siar Si fhathast ann ciad chainnt an t-slòighTeksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.