Gur duilich leam mar tha mi 's mo chridhe 'n sàs aig bròn bhon an uair a dh'fhàg mi beanntan àrd a'cheò, gleanntannan a'mhànrain nan loch, nam bàgh, 's nan stròm 's an eala bhàn 'tha tamh ann gach là air 'm bheil mi'n tòir. A Mhagaidh na bi tùrsach a rùin, ged gheibhinn bàs. Cò am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu bràth? Chan eil sinn uileadh ach air chuairt mar dhìthein buaile fàs bheir siantannan na bhliadhna sìos 's nach tog a'ghrian an àird. Tha 'n talamh leir mun cuairt dhiom 'N mheallan suas 's na neoil Aig na 'shells' a'bualadh Cha leir dhomh bhuam le ceo Gun chlaisneachd aig mo chluasan Le fuaim a'ghunna mhoir Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm Tha mo smuaintean air NicLeoid. Air m'uilinn anns na truinnseachan tha m'inntinn ort, a ghràidh. Nam chadal bidh mi 'bruadar ort, cha dualach dhomh bhith slàn. Tha m'aigne air a' lìonadh le cianalas cho làn, 's a' ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm a-nis air thuar bhith bàn. Oidhche mhath leat fhéin, a rùin, nad leabaidh chùbhraidh bhlàth, cadal sàmhach air a chùl 's do dhùsgadh sunndach slàn. Tha mise 'seo 'san truinnsidh fhuair nam chluaisean fuaim a bhàis, gun dùil ri faighinn às le buaidh tha'n cuan cho buan ri shnàmh. Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa. |
|