M'athair 's mo Dhia, dèan Thus' ar dìon, Mi fhèin 's mo naoidhean beagan mhìos; Gur gann an t-uisg' 's gur gann an sìol - Sinn creuchdach, acrach, brùite, piant'.
'Adhlaichte an-diugh mo luaidh, 'S nach aithnich mise uaigh seach uaigh: Measg mhiltean 'n Tigre tha e na shuain - Coimhead Thusa, a Thighearna, oirnn le truas
Sinn fannachadh le teas na grèin' Nuair dh'éireas i an àird sna speur'; Sinn ga ar meileachadh le fuachd Meadhan-oidhch', 's ar sgeadachadh cho truagh.
An tig, a Thighearna, uisge trom A bheir a-mach toradh bhon talamh lom? Cùm rium mo chreideamh annad fhèin, Na canar: 'n do thréig thu mi, mo Dhia?
Cheus riaghaltas eile Crìosd air crann 'S tha luchd-bréig gar biathadh gu teann Dòirt nuas do mhaitheas chaoimh, a Dhè - Na leig an tàir buannachd uile gu lèir.Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.