A mach air bharr nan stuadh ri gaillionn Fuachd is feannadh fad 'o thìr Tha mo ghaol dhuit daònan fallainn Ged is Maighdinn mhara mì Sèist: Hùbha i 's na horaibh hùbhaidh Hùbha i 's na horaibh hì Hùbha i 's na horaibh hùbhaidh 'S ann le foill a mheall thu mì Chaneil mo chadal-sa ach luaineach 'Nuair bhios buaireas air an tìd' Bha mi 'n raoir an Coirre Bhreacainn 'S bi mi nochd an Eilean I Seall is faic an grunnd na fairge Uamhan airgiod 's òr gun dìth Lainnearachd chan fhaca sùil e Ann an cuirt no lùchairt righ Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa. |
|