Hùg hó ill a ill ó Hùg hó o ró nàill i Hùg hó ill a ill ó Seinn oho ró nàill i.
Moch sa mhadainn is mi dùsgadh, Is mòr mo shunnd is mo cheòl-gáire; On a chuala mi am Prionnsa, Thighinn do dhùthaich Chloinn Ràghnaill.
Gràinne-mullach gach rìgh thu, Slàn gum pill thusa Theàrlaich; Is ann tha an fhìor-fhuil gun truailleadh, Anns a’ ghruaidh is mòr nàire.
Mar ri barrachd na h-uaisle, Dh’ èireadh suas le deagh nàdar; Is nan tigeadh tu rithist, Bhiodh gach tighearna nan àite.
Is nan càraicht an crùn ort Bu mhùirneach do chàirdean; Bhiodh Loch Iall mar bu chòir dha, Cur an òrdugh nan Gàidheal.Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.