O Iain Ghlinn' Cuaich, fear do choltais cha dual da fas, Cul bachlach nan dual 's e gu camlubach suas gu bharr, 'S i do phearsa dheas ghrinn a dh'fhag mi cho tinn le gradh, 'S nach' eil cron ort ri inns' o mhullach do chinn gu d'sail.
Ach an trian dhe do chliu cha chuir mise, a ruin an ceill, 'S caoimh' faiteal dhe d'ghnuis na ur choille fo dhruchd ri grein, Gum b' e miann mo dha shuil a bhith sealltainn gu dluth ad dheidh, 'S math a b'airidh mo run-s' air ban-oighre a' chruin fo sgeith.
Iain, Iain, a ghaoil, cuim' a leig thu me faoin air chul, Gun ghuth cuimhn' air a' ghaol a bh'againn araon air tus? Cha tug mise mo speis do dh'fhear eile fo'n ghrein ach thu, Is cha toir as do dheidh gus an cairear mo chre 'san uir.
Ged a chinn thu rium fuar, bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chas, 'S a liuthad la agus uair chuir thu 'n ceill gum bu bhuan do ghradh? Ach ma chaochail mi buaidh, 's gun do choisinn mi t'fhuath na t-fhearg, Tha mo bheannachd ad dheidh, 's feuch an tagh thu dhuit fhein nas fhearr.Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.