Ged tha mo cheann air liathadh, Le deuchainnean is bron, Is grian mo leth-cheud bliadhna Air ciaradh fo na neoil; Tha m' aigne air an lionadh Le iarrtas tha ro mhor, A dh'fhaicinn Eilean Sgiathach Na siantanan 's a' cheo.
Tha corr 's da fhichead bliadhna Bho'n thriall mi uait gam' dheoin. 'S a chuir mi sios mo lion Ann am meadhon baile mhoir; Is ged a fhuair mi iasgair A lion mo thaigh le stor, Bu chuimhneachail mi riamh ort 'S bu mhiann leam bhi 'nad choir.
Ach co aig a bheil cluasan No cridh' tha gluasad beo, Nach seinneadh leam an duan seo Mu'n truaigh' a thainig oirnn? Na milltean a chaidh fhuadach Thar chuain gun chuid, 's gun choir, Tha miann an cridh' 's an smuaintean Air Eilean uain' a' Cheo.
Nis, cuimhnichibh ur cruadal, Is cumaibh suas ur srol; Gu'n teid an roth mu'n cuairt duibh Le neart is cruas nan dorn; Gum bi bhur crodh air buailtean 'S gach tuathanach air doigh; 'S na Sas'nnaich air am fuadach A Eilean uain' a' Cheo.Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.