Gur duilich leam mar tha mi 'S mo chridhe 'n sas aig bron Bhon an uair a dh'fhag mi Beanntan ard a'cheo Gleanntannan a'mhanrain Nan loch, nam bagh 's nan srom 'S an eala bhan tha tamh ann Gach la air 'm bheil mi 'n toir
A Mhagaidh na bi tursach A ruin, ged gheibhinn bas Co am fear am measg an t-sluaigh A mhaireas buan gu brath? Chan eil sinn uile ach air chuairt Mar dhithein buaile fas Bheir siantannan na blianna sios 'S nach tog a'ghrian an aird
Tha 'n talamh leir mun cuairt dhiom 'N mheallan suas 's na neoil Aig na 'shells' a'bualadh Cha leir dhomh bhuam le ceo Gun chlaisneachd aig mo chluasan Le fuaim a'ghunna mhoir Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm Tha mo smuaintean air NicLeoid
Air m'uilinn anns na truinnsichean Tha m'inntinn ort, a ghraidh Nam chadal bidh mi a'bruadar ort Cha dualach dhomh bhith slan Tha m'aigne air a lionadh Le cianalas cho lan 'S a' ghruag a dh'fhas cho ruadh orm A nis air thuar bhith ban
Oidhche mhath leat fhein, a ruin Nad leabaidh chubhraidh bhlath Cadal samhach air a chul Do chusgadh sunndach slan Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar 'S nam chluasan fuaim a' bhais Gun duil ri faighinn as le buaidh Tha 'n cuan cho buan ri shnamhTeksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.