Och ochan a Righ, gur tinn an galair an gradh; chan eil neach air am bi nach saoil gur seachdain gach la Gun d'bhrist e mo chridh 's gun d'sgaoil e cuislean mo shlaint' Bhith 'g amharc ad dhe/idh, a gheug, a bhroillich ghil bhain, ghil bhain.
Nam faiceadh tu geug 's i 'g e/irigh, madainn chiuin cheo le maise da re/ir ni ceudan mhealladh 'nan doigh - Gur binne do bheul na teudan fhidheall ri ceol, 'S nach truagh leat mi 'd dhe/idh leam fhe/in air cnocan ri bron, ri bron.
'S ma the/id thu air sraid, a ghraidh, biodh gini 'nad phoc, Is ol mo dheoch-slaint' gach ait an suidh thu m'an bhord, An cridhe geal fialaidh, eutrom aighearach og, 'S gur milis leam fhe/in am beul o'n tigeadh an ceol, an ceol.
A bhuachaille bhain, ma's aill leat labhairt air thus, 'S ann leat-sa gun dail mo lamh ma thig thu rium dluth; Is truagh mar a ta nach d'tharaidh mis' agus tu Ann an eilean gun traigh, gun ramh, gun choite, gun stiuir, gun stiuir.Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.