Mi 'm shuidh an seo gad' chuimhneachadh A mhaighdeann aoidheil chiùin Gu bheil mi sgith de'n t-saoghal seo Bho chuir thu rium do chùl Ged dh'fhalbhainn as an dùthaich seo A null gu tírean cein Gum bi mo chrídh' ri bualadh Airson gruagach a chuil-reidh
Ged dhealaich sinn an dràsda Cha b'e d'fhàgail bha 'nam mhiann Thug fear eile làmh dhuit Mu'n do ràinig mis' thu riamh 'S an crídh' tha cruaidh mar iaruinn Ged bu mhiann leis bhith ort dlùth Cha bhrist e chaoidh son bòidhchead Nighneag òg nan sùilean ciùin'.
Carson a bhios mi cuimhneachadh Na h-oidhcheanan a bh'ann An diugh nan aobhar chianalais Gur iad a liath mo cheann 'S ged 's toigh leam a bhi smaoineachadh Gu faodainn bhi ort teann Tha h-uile ni cho caochlaideachd 'S an t-saoghail bhochd a th'ann
Ach feumaidh mi co-dhùnadh Chan eil ùin' ann son a chòrr Chan eil ann ach faoineas dhomh Bhi caoineadh son do shéors' Ach molaidh mi gu bràth thu 'Son do nàdur blàth gun ghò Is nuair thig crioch do làithean Gum bi àite dhuit an glòirTeksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.