A nìghneag a ghràidh, 's tu dh'fhàg an dochair nam cheann Air feasgar Diciadain nam shuidhe 's mi riasladh ri rann; Gum b' fheàrr a bhith sìnte gu socair 's gu sìobhalt' sa ghleann A' cadal le chèile fo dhuilleach nan geugan ud thall. 'S ann dhut-sa, mo leannan, thug mise mo chridhe 's mo chiall, Mo dhùsgadh, mo chadal, mo reult, mo ghealach 's mo ghrian; 'S tu m' oidhche, mo mhadainn, mo bhùrn, is m' anail 's mo bhiadh, 'N àm èirigh is laighe 's tu fhèin an aingeal gam dhìon. Nan robh mise 's mo leannan air slèibhtean farsaing an fhraoich, Gun uallach mu èirigh ach laighe gu sèimh ann an gaol, Toinnte le chèil' ann an sonas gun leireadh ri taobh, 'S an oidhche le cleòca gu buileach a' còmhdach an raoin. Ann an achlais mo leannain gun caidlinn fada gun strì, Fo dhubhar nam beannan far 'm b' òg a b' amaideach mi, Gun sòlas air thalamh lem dheòin a dh'aithnicheadh mi Ach gaol na h-òg chailin a bheothaich an t-sradag am chridh'. Gun uallach air feasgar bu mhiann leam bhith leisg ri do thaobh, Casruisgt sa mhòintich a' sireadh nan neòinean san fhraoch, No 'g èisteachd nan sruthan a' sileadh gu socair 's gu caoin Sìos chun na mara ag innse sanais ar gaoil. An saoghal ged 's farsaing gum b' fheàrr a bhith tathaich sa ghleann, Ri taobh na h-òg chailin air thalamh is maisiche leam; Bidh rìomhachd, a h-àilleachd 's a grinneas gu bràth na mo cheann, 'S ann an lùchairt mo chridhe bidh àite, mo nighean, dhut ann. Thig fois air an talamh, thig tosd air anail a' chuain, Air tonnan a' chladaich thig tàmh is cadal car uair; Eòin bheaga na doire nì fasgadh sona fon bhruaich, Ach mo ghaol-sa dom leannan rim bheò chan aithnich e suain. Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa. |
|