Katalog:  A   B   C   D   E   F   G   H   I   J   K   L   M   N   O   P   Q   R   S   T   U   V   W   X   Y   Z   0   1   2   3   4   5   6   7   8   9 

A / Arthur Cormack / Eilean mo chrìdh'


[seisd:]
'S truagh nach robh mis' ann an Eilean Mo Chrìdh'
eilean mo ghràidh far an d'àraicheadh mi,
's truagh nach robh mis' ann an Eilean mo Chrìdh',
eilean nam fuar-bheann àrda.

'S mis' a bhiodh sona nan robh mi an-dràsd
ri taobh na cruaich-mhònadh, an cnocan a' tàmh;
's an ceò-geal bu bhoidhche a' lùbadh 's a' snàmh
's a' tuiteam mu ghuaillean Blath-Bheinn.

[seisd]

Dhùrachdainn fuireach le cuideachd mo ghràidh
'sa bhothan aig Uilleam ri tuinne na tràghad;
gun éisd bhi òirnn tuilleadh a dh' oidhche sa là,
ach muir agus monadh bhith làimh rinn.

[seisd]

Ruithinn-sa cas-ruisg-t' air monadh is fraoch
nam faighinn-sa thairis air aiseag a' chaoil,
rachainn le cabhag gu clachan mo ghaoil,
's an dachaidh 's an d'fhuair mi m' àrach.

[seisd]
Chì mi am Meall, agus chì mi an Sgòrr;
Slinnean Churaing agus Binnean an Stòrr,
Healabhal Bheag agus Healabhal Mhòr -
Beul nan Trì-Allt is Geàrraidh.

[seisd]
Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.
Szukaj MP3
·
· Konwertuj video do MP3
· Konwertuj video do MP4

Nowe Teledyski
 · Martirenti, Margarita - Kłopoty
 · Kuban Ft. Gibbs - Nie Ma Co
 · Young Multi - AK47
 · Kubańczyk - Lek
 · Teddy Swims - Bad Dreams
 · David Guetta, Alesso Feat. Madison Love - Never Going Home Tonight
 · Julia Żugaj - Noc
 · Linkin Park - The Emptiness Machine
 · Mata - Lloret de Mar
 · Maryla Rodowicz, Roxie Węgiel - Damą Być
 · Kizo X Bletka - Pomaluj Mój Świat
 · Bambi - Madonna
 · Amar, Wronek - 180 Stopni
 · Kuqe 2115 - Taki Mały Ja
 · Matteo Bocelli, Sanah - Falling Back
 · Modelki - Materiał Na Żonę
 · Clean Bandit, Anne-Marie, David Guetta - Cry Baby
 · Extazy - Dałem Tobie
 · Shawn Mendes - Why Why Why
 · Smolasty, Sylwia Grzeszczak - Połowa Mnie

Wszelkie prawa zastrzeżone. Powered by © 2004-2024 Teledyski.info || Polityka cookies || Darmowe Mp3 || Zgłoś błąd

[ darmowe teledyski do oglądania ]