Katalog:  A   B   C   D   E   F   G   H   I   J   K   L   M   N   O   P   Q   R   S   T   U   V   W   X   Y   Z   0   1   2   3   4   5   6   7   8   9 

A / Arthur Cormack / A Pheigi a ghràidh


A Pheigi a ghràidh 's tu dh'fhàg mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-dràst' thar sàil dh'Astràilia null,
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dealaich thu rium.

Bhon dhealaich thu rium neo shunndach m' aigne gach là,
'S mi seòladh a' chuain, gach uair gam sgaradh od' ghràdh,
Ma bheir thu bhuam fuath, 's nach dual dhomh d'fhaighinn gu bràth,
Gum faic thu led shùil, a rùin nach fhad bhios mi slàn.

Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am tilleadh a-nall,
Far 'n dh'fhàg mi mo rùn fo thùrs am baile nan Gall,
Is thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uidhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.

Ma gheibh mi ort còir ri 'r beò cha bhi oirnn dìth
Gun dèanainn dhut lòn gu leòr air muir agus tìr;
'S ged theireadh an sluagh a luaidh nach dèanainn dhut nì,
Gun togainn dhut bàrr a ghràidh ged 's maraiche mi.

Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bha 'n iomadach àite is ceàrnaidh, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallda sheasadh riut suas,
A bhean a' fhùilt bhàin chaidh àrach an Uibhist nam buadh.

Gun sguir mi den dàn mu 'm fàs sibh uile dheth sgìth,
'S gun tuig sibh mo chàs 's mi 'n-dràst' cho fada bho thìr,
Ach an rud tha mi 'g ràdh, gu bràth gun aidich mi fhìn,
'N taobh tuath Loch a' Chàrnain dh'àraicheadh cailin mo chridh'.

A Pheigi a ghràidh 's tu dh'fhàg mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-dràst' thar sàil dh'Astràilia null,
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dealaich thu rium.
Teksty umieszczone na naszej stronie są własnością wytwórni, wykonawców, osób mających do nich prawa.
Szukaj MP3
·
· Konwertuj video do MP3
· Konwertuj video do MP4

Nowe Teledyski
 · Vivat - Niedziela
 · Martirenti, Margarita - Kłopoty
 · Kuban Ft. Gibbs - Nie Ma Co
 · Young Multi - AK47
 · Kubańczyk - Lek
 · Teddy Swims - Bad Dreams
 · David Guetta, Alesso Feat. Madison Love - Never Going Home Tonight
 · Julia Żugaj - Noc
 · Linkin Park - The Emptiness Machine
 · Mata - Lloret de Mar
 · Maryla Rodowicz, Roxie Węgiel - Damą Być
 · Kizo X Bletka - Pomaluj Mój Świat
 · Bambi - Madonna
 · Amar, Wronek - 180 Stopni
 · Kuqe 2115 - Taki Mały Ja
 · Matteo Bocelli, Sanah - Falling Back
 · Modelki - Materiał Na Żonę
 · Clean Bandit, Anne-Marie, David Guetta - Cry Baby
 · Extazy - Dałem Tobie
 · Shawn Mendes - Why Why Why

Wszelkie prawa zastrzeżone. Powered by © 2004-2024 Teledyski.info || Polityka cookies || Darmowe Mp3 || Zgłoś błąd

[ darmowe teledyski do oglądania ]